Moladh suim a bharrachd a thoirt do luchd-obrach cùraim air a' Ghàidhealtachd

Tha barail air nochdadh gum bu chòir siostam "weighting" a stèidheachadh air Ghàidhealtachd, car coltach ris an sgeama a th' aca an Lunainn, feuch luchd-obrach a thàladh chun na sgìre 'son roinn a' chùraim.

Sin a rèir Àrd-oifigear Cùraim na h-Alba, an Dr Dòmhnall MacAsgaill.

Bha e a' bruidhinn aig co-labhairt mun t-suidheachadh èiginneach a th' ann a thaobh cùram-soisealta air a' Ghàidhealtachd.

Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.