
còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn bhon Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service conducted by the Rev Ian Smith, Free Church (Continuing).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 118: 15-16 air fonn Coleshill agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 139: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 121: 1-3 air fonn French agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus an Hearadh.
Leughadh: Eòin 20: 1-17
Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha an Eilean Leòdhais. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac.
Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016.
Tha Mgr Mac a’ Ghobhainn an-diugh air ais ann an Leòdhas, a’ fuireach ann an Ceann a Tuath nan Loch agus air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha e fhathast a’ searmonachadh agus a-nise a' cur seachad tòrr ùine aig an taigh a’ dèanamh rud a tha a còrdadh ris gu mòr, ‘s e sin DIY!
On radio
Broadcasts
- Sunday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sunday15:00BBC Radio nan Gàidheal