Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1424
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1424. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Sunday13:55
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1120
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1424
Duration: 04:50
Litir 1424: 'Thugainn a Rùin'
An latha eile, bha mi ag èisteachd ri òran Gàidhlig air an eadar-lìon. Bha e air a ghabhail le boireannach òg – Iris NicLeòid. Òran snog a th’ ann, air a dheagh sheinn. Seo mar a tha a’ chiad rann a’ dol:
O, thugainn, a rùin, ’s mo dhùil dhol thairis,
’S gum faic sinn gach gnùis, gach sùil as math leinn,
Le eòlas cairt-iùil nì ’chùrsa maraich’
’S a shùil ri cladaichean Leòdhais.
Is fìor thoigh leam an comhardadh anns an òran – an comhardadh-meadhain no ‘internal rhyme’. Èistibh ris a-rithist, agus cuiridh mi beum far a bheil gach comhardadh.

Bha comhardadh mar sin a’ nochdadh gu tric ann am bàrdachd chlasaigeach. A bharrachd air sin, tha comhardadh-deiridh ann aig deireadh loidhnichean a h-aon agus a trì – thairis agus maraich’. Feumaidh bàrd, a sgrìobhas bàrdachd mar seo, a bhith gu math sgileil leis a’ chànan. Agus tha am bàrd seo dàna anns an dòigh ’s am bi e ag atharrachadh òrdugh ‘àbhaisteach’ nam faclan.
Tuigidh sibh gur ann à Eilean Leòdhais a tha an t-òran. ’S e an t-ainm a th’ air ‘Thugainn a Rùin’, agus tha e mu dheidhinn cuideigin a th’ air an t-eilean fhàgail airson a dhol a dh’fhuireach thall thairis. Sin cuspair a nochdas gu tric ann am bàrdachd nan Gàidheal anns an naoidheamh linn deug agus san fhicheadamh linn. ’S iomadh Gàidheal a chaidh a-null thairis anns na linntean sin.
’S e Murchadh MacIlleMhoire – Murchadh a’ Bhocs – a sgrìobh an t-òran. Rugadh e ann an Siadar Uarach ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884). Bha e air aithneachadh mar ‘Bàrd Bharbhais’.
Bha Murchadh a’ fuireach greis ann an Steòrnabhagh, far an robh e na fhuineadair. Chaidh e an uair sin a dh’fhuireach ann an Glaschu mus do ghabh e rathad cumanta nan eilthireach gu ruig’ Ameireagaidh. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Niagara Falls ann an stàit New York. Agus dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha.
Sgrìobh Murchadh tòrr òran mu eilean a bhreith, gu sònraichte nuair a bha e a’ fuireach ann an Glaschu. Chaidh na h-òrain a chur còmhla anns an leabhar ‘Fear Siubhal nan Gleann’, a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is trì air fhichead (1923).
Seo agaibh an treas rann de ‘Thugainn a Rùin’:
Gur binn bhios an fhuaim ’s ar cluas ri claisneachd,
Ri cluinntinn a’ chuain, fad’ bhuainn le caithream
Bidh osnaich nan stuagh a’ gluasad ar n-aigne,
A’ bualadh cladaichean Leòdhais.
Tha an aon phàtran de chomhardadh anns an rann seo, mar a bhiodh dùil.

Agus, a-rithist, tha comhardadh-deiridh ann anns a’ chiad agus treas loidhne – claisneachd agus aigne.
Tha an t-òran gu math laghach. Ach, cho luath ’s a chuala mi e, shaoil mi – mmm, tha am fonn seo co-cheangailte ri òran eile. Òran ainmeil. Air a sgrìobhadh le bàrd às an Eilean Sgitheanach. Bheir sinn sùil air an òran sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: [an t-] eadar-lìon: [the] internet; comhardadh-meadhain: internal rhyme; comhardadh-deiridh: terminal rhyme; Murchadh MacIlleMhoire: Murdo Morrison; Siadar Uarach: Upper Shader; Bàrd Bharbhais: The Barvas Bard; fuineadair: baker.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: air a ghabhail le boireannach òg: sung by a young woman; èistibh ris a-rithist: listen to it again; cuiridh mi beum far a bheil gach comhardadh: I shall place emphasis where there is each rhyme; thugainn, a rùin, ’s mo dhùil dhol thairis: let’s go, my darling, as I expect to go over[seas]; ’s gum faic sinn gach gnùis, gach sùil as math leinn: so we see each face, each eye that we like; le eòlas cairt-iùil nì ’chùrsa maraich’: with navigational knowledge a seaman will make his course; ’s a shùil ri cladaichean Leòdhais: with his eyes on the shores of Lewis; ’s iomadh Gàidheal a chaidh a-null thairis: many a Gael went overseas; rathad cumanta nan eilthireach gu ruige: the common route of the emigrants to; dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha: he stayed there for the rest of his life; eilean a bhreith: the island of his birth; gur binn bhios an fhuaim ’s ar cluas ri claisneachd: sweet will be the sound as our ears listen; ri cluinntinn a’ chuain, fad’ bhuainn le caithream: hearing the ocean which sounds joyful at distance; bidh osnaich nan stuagh a’ gluasad ar n-aigne: the sighing of the waves will stir our spirits; a’ bualadh cladaichean Leòdhais: as it strikes the coast of Lewis; cho luath ’s a chuala mi e: as soon as I heard it; tha am fonn seo co-cheangailte ri òran eile: this tune is connected to another song.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: air a dheagh sheinn: well sung. Òran ‘song’ is a masculine noun. In this passive phrase, we are saying literally ‘after its good singing’. Without the adjective deagh ‘good’ (which always precedes and lenites the noun it is qualifying), we might say ‘air a sheinn’ (e.g. air a sheinn gu math ‘well sung’), with the noun lenited for the third-person masculine possessive pronoun. When we add in deagh, we lenite that to maintain the same pattern. If the noun were feminine, deagh would remain unlenited. Here is a plural example: bha na h-òrain air an deagh sheinn ‘the songs were well sung’.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: airson a dhol a dh’fhuireach thall thairis: in order to go and live overseas.
Broadcast
- Sunday13:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.