Seirbheisean aiseig a bharrachd a nì cinnteach gum faigh eileanaich cùram NHS

Bidh seòlaidhean a bharrachd aig an MV Hebrides airson dèanamh cinnteach gum faigh euslaintich à Uibhist agus Barraigh cùram meidigeach an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cur air dòigh seòlaidhean a bharrachd eadar Loch nam Madadh is an Tairbeart airson dèanamh cinnteach gum faigh euslaintich cùram meidigeach an Steòrnabhagh.
Tha clàr-ama eadar-amail gu bhith aig an MV Hebrides eadar 12mh den t-Samhain agus 22na den Dùbhlachd, le seòlaidhean a bharrachd Dimàirt agus Diaordaoin, le uairean seòlaidh diofraichte Diciadain agus Dihaoine.
'S e as coireach ris na h-atharrachaidhean gur e an MV Loch Bhrusda seach an soitheach àbhaisteach, an MV Loch Portain, a tha a' frithealadh slighe Caolas na Hearadh an-dràsta agus cha ghabh i sin na h-uimhir de luchd-siubhail.
Tha Manaidsear Sgìreal ChalMac airson Innse Gall a Tuath, Fiona Galbraith, ag ràdh gu bheil e mar phrìomhachas dhaibh taic a chumail ri daoine a tha a' siubhail air adhbharan cùram slàinte.
Còmhdhail "thruagh" nan Eilean Siar a' toirt buaidh air slàinte euslainteach
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2023
Poileasaidh ùr do dh'euslaintich. Bhideo, 00:01:36
- Air fhoillseachadh12 Am Màrt 2020
Thuirt i: "Chan urrainn dhuinn coinneachadh ris an iarrtas airson siubhal euslainteach air seirbheis Caolas na Hearadh agus tha sinn airson 's gum bi earbsa aig daoine a dh'fheumas siubhal."
Fàgaidh an clàr-ama ùr Dimàirt agus Diaordain gum bi e nas anmoiche mus ruig daoine tìr-mòr, agus thuirt CalMac gum biodh iad ag obair le luchd-cleachdaidh coimeirsealta feuch a' bhuaidh a bhios orra a lùghdachadh.
Foillsichidh a' chompanaidh fhathast mar a chumas iad taic ri siubhail euslainteach agus dhaoine eile eadar deireadh na bliadhna seo agus toiseach 2027, nuair 's e an MV Glen Sannox a bhios a' dol eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.
Bidh an MV Hebrides a' dol gu deas airson seirbheisean a chumail ri Colla, Tiriodh agus Colbhasa fhad 's a bhios an MV Clansman a' faighinn na seirbheis bliadhnail aice.