Fear san Aghaidh Mhòir fo chasaid gun do rinn e oidhirp air murt

- Air fhoillseachadh
Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' dèiligeadh ri tachartas san Aghaidh Mhòir air an deireadh-sheachdain mar oidhirp air murt a dhèanamh.
Chaidh fireannach, 41, a chur an greim agus fo chasaid ann an co-cheangal ris a' chùis.
Chaidh na poilis a ghairm gu togalach ann an Rathad Cairnview goirid an dèidh uair sa mhadainn Là na Sàbaid.
Thuirt oifigich gun deach boireannach, 44, agus fireannach, 47, a dhroch ghoirteachadh sa chùis.
Chaidh an dithis a thoirt chun an ospadail airson cùraim.
Tha dùil gun nochd an duine a tha fo amharas an co-cheangail ris na thachair ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis an-diugh.