Naidheachdan 11:00m
Cosgaisean Cumhachd
Dh'innis riaghladair a' chumhachd, Ofgem, gum bi ìsleachadh cha mhòr £1,000 bhon Ghiblean anns a' chosgais a tha e ceadaichte do chompanaidhean a chur air luchd-cleachdaidh dealain agus gas. Ach a dh'aindeoin sin tha dùil gun èirich cunntas cumhachd dachaigh anns a' chumantas bho £2,500 gu £3,000 sa bhliadhna leis gu bheil sgeama taice Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' sgur a dh'aithghearr. Tha na h-uimhir de bhuidhnean carthannais ag iarraidh air an Riaghaltas an taic sin a chumail a' dol airson ùine fhathast.
Brexit
Tha am Prìomhaire Rishi Sunak agus Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Ursula von der Leyen a' coinneachadh an-diugh a chur an dreach mu dheireadh air aonta malairt Bhrexit le Èirinn a Tuath. Tha am Protocol a th' ann an-dràsta a' fàgail sgrùdaidh chuspainn air cuid de stuth a tha a' dol eadar Tìr-Mòr Bhreatainn agus Èirinn a Tuath. Tha e ri fhaicinn an sàsaich aonta ùr cùl-bheingearan Tòraidheach agus pàrtaidh an aonaidh, an DUP, ann an Èirinn a Tuath.
Sgeama Ath-chuairteachaidh
Tha luchd-gnothaich ag ràdh nach aithne dhaibh dè tha a' tachairt le sgeama ath-chuairteachaidh bhotal agus chanastairean Riaghaltas na h-Alba a tha ri tòiseachadh anns an Lùnastal. 'S e a-màireach an là mu dheireadh clàradh airson na sgeama ùire, ach tha mì-chinnt ann an dèidh do Mhinstear Ath-chuairteachaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith ag ràdh gum faodadh faothachadh a bhith ann do chuid airson ùine.
Sgoil MhicNeacail
Tha comharrachadh ann an-diugh air 150 bliadhna bho chaidh Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh a stèidheachadh. Ach tha cuid ag ràdh gum feum a-niste deasbad fosgailte a bhith ann mu ainm agus bràiste na sgoile. Tha sin an dèidh rannsachaidh a rinn BBC Naidheachdan a thug am follais ceangal aig stèidheachadh na sgoile ri airgead an opium ann an Sìona agus raointean cotain nan Stàitean Aonaichte. Tha prògram air a' chuspair air BBC ALBA a-nochd aig 8:30f.
Hampden
Tha rannsachadh a' dol air adhart mun àimhreit aig pàirce ball-coise Hampden an-dè ro chuairt dheireannach Chupa na Lìge eadar Celtic is Rangers. Tha ceannardan nam Poileas ag ràdh gu bheil dleastanas air an dà chluba agus air ùghdarrasan a' bhuill-coise smachd a chur air a leithid.