
Dhearbh na poilis gun deach corp fireannaich a bha a dhìth an Gleann Comhann a lorg.
Bha Kyle Sambrook, à Yorkshire an Iar, air tighinn chun na Gàidhealtachd air an 18mh den Ghearran is e an dùil a dhol a choiseachd is a champachadh còmhla ris a' bheagle aige, Bane.
Chaidh iomairt teasairginn a chur air dòigh an t-seachdain-sa chaidh 's Mgr Sambrook air a dhol a dhìth.
Dh'innis Poileas Alba gun deach cuirp Mhgr Sambrook agus Bane a lorg sa ghleann mu 2.15f Disathairne.
Thuirt iad nach eil coltas ann gun robh dad amharasach mun chùis.
Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.