Fearg mun bhuaidh air aiseagan an lùib plana ùr do chidhe Ùige

Tha fearg air riochdairean coimhearsnachd anns na Hearadh mu phlana ùr airson seirbheisean aiseige fhad 's a tha obair-leasachaidh a' dol air cidhe Ùige.

Chan ann a-mhàin gu bheil dragh orra gum faodadh na molaidhean ùra a bhith nas miosa na am plana a bh' ann roimhe, tha iad cuideachd mì-thoilichte nach d'fhuair iad fiathachadh chun na coinneimh far an deach am plana ùr a chur air adhart.