Deireadh linn aig Taigh a' Bhaile
Tha ceistean gan togail mu carson nach bi Comataidh Baile Inbhir Nis a' coinneachadh ann an togalach eachdraidheil ann am meadhan a' bhaile bho seo a-mach.
Bha ceangal làidir ann eadar Taigh a' Bhaile agus a' chomataidh bho fhosgail an togalach ann an 1882.
Ach thuirt a' Chomhairle nach eil an togalach a' tighinn a rèir feumalachdan an latha an-diugh.
Seo Eileen NicDhomhnaill.