Naidheachdan 11:00m

Luchd-obrach Comhairle

Thuirt an t-aonadh an GMB gum faodadh na mìltean de luchd-obrach comhairle a dhol air stailc mun àrdachadh pàighidh 2% a tha COSLA, Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, a' tabhann orra. Tha an GMB a' cumail baileat an-dràsta am measg faisg air 10,000 ball a tha ag obair ann am foghlam fo aois sgoile agus seirbheisean glanaidh. Thuirt fear-labhairt do ChOSLA gu bheil iad a' bruidhinn ris an aonadh.

Drogaichean

Cuiridh na Tòraidhean molaidhean ri Pàrlamaid na h-Alba an-diugh airson dèiligeadh ris na tha de bhàs ann an Alba le trioblaid dhrogaichean. Tha am bile a' gealltainn gum faigh a h-uile duine an leigheas agus an cùram a tha a dhìth orra. Thuirt Ministear Poileasaidh nan Drogaichean, Angela Constance, gu bheil i deònach coimhead air laghan ùra ma bhios i den bheachd gu bheil feum orra sin.

Prìsean Bìdhe

Tha figearan oifigeil ag ràdh gu bheil aran, rus agus crisps am measg nan stuthan bìdhe as luaithe a dh'èirich ann am prìs air a' bhliadhna dhan Ghiblean. Chaidh a leth-uimhir a-rithist air prìs pasta. Bha an sgrùdadh, a rinn Oifis nan Staitistig Nàiseanta stèidhichte air 30 stuth bìdhe air làraichean-lìn seachd de na bùthainnean as motha.

Ceasnachadh

Bidh cothrom airson a' chiad uair an Alba aig feadhainn a dh'fhulaing èigneachadh no dochann anns an dachaigh ceasnachadh foirmeil a dhèanamh air an fheadhainn a rinn cron orra. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh a-màireach bho Riaghaltas na h-Alba air a' phròiseas a tha iad ag ràdh a bhios ri fhaotainn ro dheireadh na bliadhna dhan mhòr-chuid. Tha luchd-taic ag ràdh gun cuidich sin le leigheas, ged a tha dragh air cuid de bhuidhnean taice bhoireannach gun dùisg e àmhghar às ùr.

An Ucràin

Thuirt riaghladair sgìre an Donbas anns an Ucràin gu bheil am bomadh Ruiseanach cho trom an sin a-niste agus nach cùm iad cunntas air na tha a' call am beatha. Tha feachdan na Ruis ag amas air baile Severodonetsk air taobh sear na dùthcha.

Tha ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a' cruinneachadh sa Bheilg aig coinneimh far am bi a' mhòr-chuid den aire air mar a tha e a' faileachadh orra aonta a dhèanamh mu chasg air ola Ruiseanaich. Tha seachdainean ann bho thòisich na còmhraidhean, ach chan eil an Ungair deònach gabhail ri casg, leis gur i dùthaich tìr-ghlaiste a th' innte, a tha a' crochadh gu tur air ola na pìoba Ruiseanaich tro mheadhan na h-Eòrpa.

Oighreachd nam Bàgh

Bidh trì coinneamhan an t-seachdain seo leis an fhiosrachadh as ùire mu oidhirp na coimhearsnachd sealbh fhaighinn air Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh. Bidh a' chiad tè ann a-màireach ann an Ionad nam Bàgh; Diciadain ann an Talla an t-Òib, agus Diardaoin ann an Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh eadar 3:00f agus 7:00f gach là. 'S e coinneamhan neo-fhoirmeil a bhios annta le cothrom bruidhinn ri buill bhon bhuidhinn stiùiridh.