
Tha dùil gun till seirbheisean aiseig eadar Loch Baghasdail agus Malaig Dimàirt is CalMac air dearbhadh gun deach an Lord of the Isles a chàradh.
Chan eil seòlaidhean air a bhith ann airson cola-deug is an soitheach air briseadh sìos.
Chaidh am bàta a tharraing far na slighe air an 17mh den Chèitean is CalMac ag ràdh an toiseach nach biodh seirbheis ann fad co-dhiù ochd làithean.
Air a' cheann thall thug an obair na b' fhaide na sin.
Dh'fhàg an Lord of the Isles an doc Didòmhnaich ach le ùine a' seòladh gu tuath is uairean fois a' chriutha, cha tòisich an t-seirbheis às ùr gu Dimàirt.
Tha CalMac ag ràdh gum bi clàr-ama àbhaisteach ann às dèidh sin. Thuirt iad gun robh iad air coimhead an gabhadh barrachd sheòlaidhean a chur air dòigh ach gu bheil cho trang 's a tha cidhe Mhalaig a' fàgail nach robh seo comasach.
Bha seirbheisean aiseig Uibhist gu tur troimh-chèile anns na seachdainnean mu dheireadh is an Hebrides cuideachd a-mach à seirbheis treis is i air bualadh sa chidhe ann an Loch nam Madadh.
Dh'fhàg seo Uibhist treis gun cheangal dìreach idir le tìr-mòr.
Dh'aidich Àrd-stiùiriche ChalMac an t-seachdain seo chaidh gu bheil an t-seirbheis a tha luchd-siubhail a' faighinn a' dol am miosad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An Cèitean 2022

- Air fhoillseachadh20 An Cèitean 2022

- Air fhoillseachadh12 An Cèitean 2022
