
Tha muinntir na h-Alba a' bhòtadh ann an taghadh nan ùghdarrasan ionadail.
Dh'fhosgail ionadan-bhòtaidh air feadh na dùthcha aig 07:00m Diardaoin is dùinidh iad aig 10:00f.
Thèid na bhòtaichean a chunntadh bho 08:00m Dihaoine.
Thèid 29 comhairlichean a thaghadh anns na h-Eileanan Siar, 74 air a' Ghàidhealtachd, is 36 ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Gheibhear am fiosrachadh às ùr mu na taghaidhean gu h-ionadail is gu nàiseanta - agus beachd air na taghaidhean ionadail ann an Sasainn is a' Chuimrigh agus taghadh Stormont an Èirinn a Tuath - air BBC Naidheachdan tron là Dihaoine.
Bidh Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal bho 07:30m Dihaoine mar as àbhaist, is prògram sònraichte - An Taghadh 2022 - an uairsin bho mheadhan-là.
Bidh Aithris an Fheasgair air an èadhar eadar 5:00f is 6:00f is An Là air BBC ALBA bho 7:00f gu 8:00f.
A thuilleadh air sin, bidh an naidheachd againn mar a nochdas i an seo fhèin agus air na meadhanan-sòisealta tron là.