Inbhe reachdail airson BBC Alba?

  • Air fhoillseachadh
MicsTùs an deilbh, BBC Alba

Tha inbhe reachdail bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte deatamach airson seasmhachd BBC Alba - sin beachd an Ollaimh Rob Dunbar à Oilthigh Dhùn Èideann.

Tha dùil ri pàipear geal air craoladh bhon riaghaltas a dh' aithghearr, a bhios mar a' chiad cheum a dh'ionnsaigh reachdas ùr a stèidheachadh.

Coinnichidh riochdairean MG Alba ri Ministear nam Meadhanan, Julia Lopez, aig deireadh na Màrt, is iad a' sireadh inbhe laghail don t-seanail Ghàidhlig.

Tha an t-Oll. Dunbar ag ràdh gun toireadh bunait laghail teàrainteachd do BhBC Alba ann an saoghal craolaidh caochlaideach.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil an t-aonta, an co-obrachadh, eadar MG Alba agus BBC Alba ag obair gu math", thuirt an t-Oll. Dunbar.

"'S ann stèidhichte air deagh rùn agus an uairsin cùmhnantan a bha e agus a tha e fhathast. Ach ma dh'atharraicheas rud sam bith, can taobh a-staigh a' BhBC no san t-siostam nas fhaide na siostam craolaidh Gàidhlig, chuireadh sin na th' againn ann an cunnart.

Teàrainteachd

"Agus tha mi smaointinn le bunait anns an lagh airson an t-seanail fhèin gum biodh sin a' toirt barrachd teàrainteachd.

"Ma tha paipear geal ann bhithinn a' sùileachadh rudeigin mu chraoladh Gàidhlig agus mar a bha mi fhìn a' moladh, molaidhean a thaobh teàrainteachd agus taic dhan t-seanail seach dìreach àite MG Alba anns an t-siostam. Agus ruideigin mu atmhorachd cuideachd agus buidseatan.

"Cha deach mìneachadh ann an lagh riamh dè am prìomh bhuidseat a bhiodh ann an craoladh Gàidhlig. Cuideachd ruideigin a nì soilleir dè a' phàirt a bhitheas aig a' BhBC. Chan eil sin anns an lagh mar a th' againne agus mu dheireadh inbhe 'Public Service Broadcaster' sin inbhe a th' aig a' BhBC anns an fharsaingeachd agus seanailean eile leithid ITV, Ch4, Ch5, agus an t-seirbheis Chuimreach S4C.

"Sin na trì rudan a bhithinn a' sùileachadh, an dà chuid an toiseach ann am pàipear geal agus an uairsin am bile a thig fo bheulaibh na pàrlamaid.

Aonta

"Fon aonta nuair a chuir Breatann an ainm ris a' Chairt Eòrpaich, dh'aontaich Riaghaltas Bhreatainn gum biodh iad ag obair a dh'ionnsaigh seanail a chruthachadh, seanail airson na Gàidhlig. Agus tha mi a' smaointinn gun robh sin na chuideachadh tron phròiseas a dh'ionnsaigh an dà chuid Achd Craolaidh 2003 fon deach MG Alba a chruthachadh le barrachd chumhachdan na bh' aig an t-seann CCG. Agus an uairsin bha e na chuideachadh cuideachd nuair a bha MG Alba, am BBC, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba a' bruidhinn air BBC ALba a chruthachadh ann an 2006/07.

"Agus bha a h-uile duine a bha an sàs anns na còmhraidhean sin mothachail air iomadh rud, ach na dleastanasan eadar-nàiseanta bhon chàirt Eòrpaich, sin aon dhe na rudan a bha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba mothachail oirre cho math ri MG Alba fhèin agus am BBC.

"Agus tha e na chuideachadh gu bheil an t-aonta eadar-nàiseanta ann agus gu bheil Breatann co dhiù airson barrachd is 20 bliadhna a-nis air gabhail ris na dleastanasan sònraichte a th' aig Riaghaltas Bhreatainn dhan a' Ghàidhlig", thuirt an t-Oll. Dunbar.