Dragh mu cheistean "bìnearaidh" mun Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Làrach-lìn a' Chunntais-shluaigh

Tha ceist ann dè cho mionaideach agus feumail 's a tha am fiosrachadh a thathas ag iarraidh mun Ghàidhlig sa Chunntas-sluaigh.

Tha an t-Oll. Wilson MacLeòid ag ràdh gur e cothrom caillte a th' ann.

Tha Clàran Nàiseanta na h-Alba a' dìon nan ceistean agus mar a tha barrachd fiosrachaidh ga iarraidh mun Bheurla.

'S e am 20mh là den Mhàrt Là a' Chunntais-shluaigh ach tha daoine air a bhith a' faighinn litrichean agus faodar a lìonadh ron sin.

Lìonadh sa Ghàidhlig

Chaidh an Cunntas-sluaigh fhoillseachadh ann an Glaschu an t-seachdain seo, agus daoine gam brosnachadh a lìonadh a-steach thairis air a' mhìos a tha romhainn.

Airson a' chiad turas riamh tha cothrom ann roghnachadh a lìonadh sa Ghàidhlig - ged nach eil sin ri fhaighinn ach air-loidhne a-mhàin.

Tha moladh ann bho Ghàidheil cuideachd feum a chur air a' cheist mun Ghàidhlig ge b' e dè an ìre aig a bheil daoine.

"Ge b' e dè an t-slighe a tha sibh a' gabhail leis a' chànan, tha a h-uile guth a' cunntadh," thuirt Màiri Anna NicUalraig.

"Oir tha sinn mar phàirt den t-sluagh anns an fharsaingeachd, agus gach guth a thogas sinn an-àirde, bheir e buaidh air mar a tha an Riaghaltas a' coimhead air a' Ghàidhlig, agus mar a dh'fheumas iad taic is maoineachadh a chumail rithe.

"Tha coimhearsnachd Ghàidhlig an là an-diugh farsaing, agus chan eil àite ann airson sgaradh, agus eas-aonta, agus aon taobh no an taobh eile.

"Tha sinn uile ag amas air an aon rud, agus tha an Cunntas-sluaigh dhomhsa mar phàirt dheth sin," thuirt i.

Sheall an Cunntas-sluaigh mu dheireadh ann an 2011 gun robh beagan thairis air 57,000 duine ann na Alba le comas Gàidhlig a bhruidhinn - le còrr air 50% dhiubh sin anns na h-Eileanan Siar.

Lìon an t-Oll. Wilson MacLeòid an cunntas-sluaigh aigesan a-mach mar-thà, agus tha dragh air mun dòigh san deach a' cheist mun Ghàidhlig fhaighneachd.

Ìrean Comais

"Tha na ceistean air atharrachadh beagan bhon Chunntas-sluaigh mu dheireadh," thuirt e.

"Tha na ceistean mun Ghàidhlig 's mun Albais mar a bha iad ann an 2011, ach tha na ceistean mu dheidhinn na Beurla air an leudachadh beagan, agus mar sin tha iad a' faighneachd mu dheidhinn chan e a-mhàin bruidhinn, tuigsinn, leughadh agus sgrìobhadh sa Bheurla, ach cuideachd dè an ìre de sgilean a th' aig daoine?

"Glè mhath, meadhanach math 's mar sin air adhart.

"Ach leis a' Ghàidhlig no Ablais chan eil ann ach ceistean bìnearaidh - tha/chan eil.

"Agus mar sin chan eil am fiosrachadh a' sealltainn dhuinn dè an ìre de chomas a th' aig daoine anns a' Ghàidhlig.

"'S tha sin gu math cudromach, gu h-àraidh leis mar a tha barrachd is barrachd dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig - gu h-àraidh 's dòcha le iomairtean leithid Duolingo.

"Chan eil sinn a' dol a dh'fhaicinn an e cuideigin a dh'ionnsaich beagan Gàidhlig bho Duolingo, no cuideigin a chaidh a thogail leis a' Ghàidhlig fad am beatha 's mar sin air adhart."

Thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba gun do rinn iad mòran co-chomhairleachaidh le buidhnean air feadh Alba airson dèanamh cinnteach gun robh na ceistean freagarrach - coimhearsnachd na Gàidhlig nam measg.

Cothrom Caillte

Bha iad ag ràdh gur e amas na ceiste cànain dèanamh a-mach cò aig a tha cànan a bharrachd air a' Bheurla mar phrìomh chànan, agus dè cho fileanta 's a tha iad sa Bheurla - rud a tha na chuideachadh a thaobh sheirbheisean taice.

Thuirt iad gu bheil gach ceist air cànanan a' coileanadh iarrtasan luchd-cleachdaidh an dàta.

Ach tha dragh ann gur e cothrom caillte a tha seo.

"A thaobh na Gàidhlig chan eil fiosrachadh nàiseanta againn a thaobh na Gàidhlig idir, suirbhidhean," thuirt an t-Oll. Wilson MacLeòid.

"Tha suirbhidhean ann an cuid de sgìrean - gu h-àraidh sgìrean eileanach.

"Ach ma tha sinn a' coimhead air comasan cànain ann an àiteachan eile, air Tìr-Mòr agus eileanan eile, chan eil am fiosrachadh a tha sin againn.

"Tha ceist ann am bu chòir rannsachadh de sheòrsaichean eile a dhèanamh.

"Ach tha rudan sònraichte math mun Chunntas-sluaigh, agus chanainn gu bheil e fìor gu bheil cothroman caillte ann," thuirt e.

Thèid am fiosrachadh a thig air ais a chleachdadh airson planaichean a dhèanamh a thaobh sheirbheisean poblach agus airson co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh taic-airgid airson foghlaim, slàinte, còmhdhail agus cùraim-sòisealta.

Am measg sin thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh air an t-slighe air adhart airson na Gàidhlig ann an Alba.