Beachd à Ottawa air 'Fianais nan Trucairean'

Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri fear a tha a' fuireach ann am meadhan Ottawa, far a bheil troimhe chèile mhòr 's dràibhearan làraidh a' togail fianais an aghaidh bhanachdaichean Covid.

Tha e a' dèanamh dealbh smaoineachail suasticathan, gràin-cinnidh agus eagal air daoine cas a chur a-mach air doras leotha fhèin.

Tha fianais nan tucaireran, mar a chanas iad riutha an sin, stèidhichte mun cuairt Pàrlamaid Chanada 's a' sgaoileadh a-mach à sin a' cur eagal am beatha air muinntir a' bhaile.

Bhruidhinn Gilleasbuig MacDhòmhnaill ri Calum MacCoinnich a tha a' fuireach beagan is mìle bhon Phàrlamaid.