
Bidh seirbheisean meadaigeach èiginneach ospadal Phort Rìgh dùinte tron oidhche Mhàirt, ri linn dìth luchd-obrach.
Bidh iad dùinte cuideachd oidhche Chiadain, ri linn dìth luchd-obrach.
Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gum biodh na seirbheisean ann am Port Rìgh dùinte eadar 8:00f. agus 8.00m. Dimàirt agus Diciadain, gus sàbhailteachd nan euslainteach a dhìon.
Gheibhear taic tron loidhne-fòn NHS24 no bho sgioba èiginneach an ospadail san Ath Leathann.