Obraichean ùra aig RAF Inbhir Losaidh
Dh'ainmich Ministreachd an Dìon gun tèid còrr is 100 dreuchd a chruthachadh an ceann a tuath na h-Alba aig RAF Inbhir Losaidh.
Thuirt Rùnaire an Dìon, Ben Uallais, gur e buannachd a th' ann do dh'Alba a tha a' tighinn an cois a bhith mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.
Ach thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh creideas sam bith aig a' phàrtaidh Thòraidheach air cùisean dìon ann an Alba.
Tha an aithris seo aig Jenny Inglis.