Bann-leathann truagh a' toirt buaidh air ionnsachadh taighe

  • Air fhoillseachadh
Flòdaigearraidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuid de sgìrean san Eilean Sgitheanach far a bheil seirbheisean bann-leathainn truagh

Tha dùbhlan aig clann-sgoile ann an cuid de cheàrnaidhean dùthchail na Gàidhealtachd leasanan air-loidhne a dhèanamh aig an dachaigh leis cho dona sa tha seirbheisean bann-leathainn neo an t-seirbheis fòn-làimhe.

Fhuair aithisg a rinn Comhairle na Gàidhealtachd gur iad na sgìrean as miosa pàirtean den Eilean Sgitheanach agus an Eilean Dubh, cuid de dh'àiticheann an an Gallaibh agus Àird nam Murchan, a bharrachd air Cnòideart, Foithir agus Duras.

Tha duilgheadasan cuideachd air a bith aig clann ann an Canaigh, Eilean nam Muc agus Rùm.

A rèir na h-aithisge, tha cuid de theaghlaichean a' pàigheadh airson cùmhnantan saideil airson agus gum faigh iad ceangal eadar-lìn nas fheàrr.

Tha a' chuid as motha de chloinn-sgoile a' faighinn teagaisg aig an taigh - tro leasanan air-loidhne - air sgàth èiginn Covid.

Call agus cothroman

Fhuair an aithisg nach gabh foghlam aig astar toirt seachad ann an cuid de sgìrean leis nach eil seirbheis idir ri fhaotainn.

Beachdachaidh buill de chomataidh an fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd air an aithisg aig coinneimh an ath-sheachdain.

Cho-dhùin an aithisg gum feumar maoineachadh mòr a chosg airson agus gum bi seirbheisan seasmhach earbsach aig daoine.

Fhuair an aithisg cuideachd gun d'fhuair mòran de sgoilearan cothrom air foghlam aig astar leis na chosg Comhairle na Gàidhealtachd air teicneòlas sna sgoiltean, leithid a bhith a' ceannach nam mìltean de chompiùrairean pearsanta Chromebook.

Fhuair an t-ùghdarras ionadai taic-airgid Riaghaltas na h-Alba airson barrachd Chromebooks a cheannach.