Còrr air 100 an Inbhir Ghòrdain le Covid-19

  • Air fhoillseachadh
Deuchainn ChovidTùs an deilbh, Getty Images

Thathas a' tuigsinn gu bheil Covid-19 air còrr air 100 duine co-cheangailte ri dà thaigh-cùraim ann an Inbhir Ghòrdain.

Chaidh 29 de luchd-còmhnaidh Kintyre House a dhearbhadh leis a' bhìoras, ach chaidh 21 cùis a chlàradh aig Dachaigh-cùraim Castle Gardens - far an do bhàsaich aon neach-còmhnaidh.

Ach tha còrr agus 50 de luchd-obrach an dà dhachaigh cuideachd leis a' ghalar.

Chaidh banachdach a thoirt dhan fheadhainn bhon dà àite a fhuair dearbhadh nach eil am bhìoras orra.