Briseadh-dùil mu tharaifean uisge-bheatha
- Air fhoillseachadh

Tha Comann Uisge-beatha na h-Alba ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann dhaibh gum bi Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte fhathast a' cur taraif 25% air Uisge-Beatha Albannach.
Thuirt iad gu bheil na tha iad a' reic ris na Stàitean Aonaichte sìos 30% on chuireadh an taraif an sàs.
Ach chuir riaghaltas Dhòmhnaill Trump às do tharaif 25% air aran-cridhe à Breatainn an dèidh ath-sgrùdadh air na peanasan a chuir iad an sàs airson nan subsadaidhean Eòrpach a fhuair a' chompanaidh Airbus.