Dìosal dearg gann an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Tancaichean connaidh Loch a' ChàrnainTùs an deilbh, Hugh Venables/Geograph

Tha croitearan agus companaidhean togail ann an Uibhist ag ràdh gu bheil iad a' fulang chosgaisean a bharrachd air sgàth 's nach eil diesel dearg gu leòr ga stòradh anns an eilean.

Bu chòir gum biodh sàbhaladh faisg air 50sg gach liotar air an dìosal dearg, oir tha cìsean nas lugha air airson leithid obair-àiteachais.

'S ann aig Certas Energy a tha an stòr connaidh ann an Loch a' Chàrnain.

"A h-uile Earrach agus Foghar o chionn dhà no trì bhliadhnaichean, tha trioblaid chianail air a bhith ann nach fhaigh sinn connadh dearg, mar a chanas sinn ris, airson tractairean is innealan ag obair air an tuathanas," thuirt an tuathanach 's am fear-gnothaich, Tormod MacAsgail.

Cosgais

"Tha sinn a' feitheamh dhà suas gu trì seachdainnean uaireannan airson an còrr fhaighinn, agus chan eil an t-sìde cho fìor mhath sin 's gum faod thu làithean math mar a th' air a bhith againn o chionn dhà no trì sheachainnean an seo a leigeil seachad.

"An-uiridh chuir an Riaghaltas fo bhonn gun cuireadh iad an taic ri obair-tuathachanais agus gnìomhachas a tha ag ùisneachadh a' chonnaidh dheirg.

"Ach chan eil sinne a' faighinn buaidh air sin, tha sinn a' faighinn mar a chanas sinn an connadh geal a chur anns na tractairean, agus tha e a' cosg suas ri 50sg an liotar a bharrachd dhuinn airson nan tractairean.

"Ma tha thu ag ùisneachadh 100 liotar san là an ceann seachdain tha £200-£300 a bharrachd mud chlaigeann.

"Nam bheachd-sa chan eil seo dòigheil.

"Anns an là a th' ann an-diugh gheibh sinn làraidh air ais 's air n-aghaidh air aiseag le dhà no trì làithean rabhaidh a thoirt dhaibh. Chan eil mi a' faicinn ciamar nach fhaigh a' bhuidheann a tha a' toirt dhuinn a' chonnaidh air rudeigin a chur air bhonn agus ticead cunbhalach no rudeigin fhaighinn dà uair sa mhìos no rudeigin.

"Chan eil e cho doirbh sin fhaighinn.

"'S e an trioblaid as motha, b' àbhaist dhaibh an dath a chur anns an dìosal gheal anns an eilean fhèin.

"Chuir iad air dòigh tancaichean ùra 'son connaidh is a h-uile sìan eile ann an Loch a' Chàrnain, agus nam bheachd-sa tha dhà aca nan suidhe falamh.

"Bliadhna mun àm seo bhruidhinn sinn le Certas, agus gheall iad gun dèanadh iad rudeigin mu dheidhinn, ach thuge seo cha deach dad a dhèanamh.

"Tha bàta a' tighinn a-steach le peatrol, 's connadh dachaigh 's an connadh geal, so nam bheachd-sa chan eil mi a' faicinn ciamar nach urrainn dhaibh an connadh dearg a chur air an aon bhàta an àite a ruith le tancairean à Inbhir Nis no à Steòrnabhagh," thuirt e.

Thathas a' feitheamh beachd bho Certas.