Fearg air pàrantan na Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha pàrantan sna Hearadh feargach mu phlana Comhairle nan Eilean Siar aon àrd-cheannard-sgoile nach bi stèidhichte san eilean a chur os cionn an dà sgoil aca.
Tha iomagain orra mu mar a bheir an t-atharrachadh seo buaidh air foghlam an cuid cloinne.
Tha iad a' cur às leth na Comhairle cuideachd gun deach an co-dhùnadh seo a ruighinn gun chonaltradh ceart riutha.
"Chan eil càil a chòir daoine a bhith ag atharrachadh sgoile a tha cho adhartach anns a h-uile dòigh, agus o fhuair iad suas dhan dàrna ìre o chionn 20 bliadhna tha iad air a bhith a' dèanamh adhartais on uairsin," thuirt John Murdo Moireasdan aig a bheil còignear oghaichean san sgoil anns na Hearadh.
"Tàmailteach"
"Tha e uabhasach tàmailteach dhomhsa, gu bheil sgoil aig an ìre seo a tha a' cur dhaoine dhan oilthigh, nach bi ceannard air an sgoil.
"Chan eil mise a' tuigsinn ciamar as urrainn do dh'aon duine Sgoil an Tairbeirt a tha 20 mìle à Steòrnabhagh, agus Sgoil a t-Òib a tha 50 mìle à Steòrnabhagh a ruith.
"Chan eil mi a' faicinn ciamar as urrainn dhaibh a bhith a' dèanamh an dleastanais ann an dòigh iomchaidh nuair a tha iad a' ruith air an rathad air ais 's air adhart à Steòrnabhagh. Chan eil ciall sam bith aige.
"Bha seo air a' bhòrd aig a' Chomhairle deireadh na bliadhna an-uiridh, agus cha tàinig fios a-mach gu bho chionn dhà no thrì mhìosan, agus 's e sgleog a fhuair sinn gun fhiosrachadh.
"Agus an uairsin bha am bhìoras a tha seo cho dona agus cha robh sinn a' faighinn a' chothruim bruidhinn ri chèile.
"Agus rud eile, chan eil mar gum biodh a' sabaid air seo gu laghail ach comhairle nam pàrantan.
Aonta
"Cha robh fios aig daoine ann an seo gu o chionn dà mhìos dè bha a' tachairt. Cha robh iad a' tuigsinn 's cha d' fhuair iad eòlas gus an do chuir comhairle nam pàrantan a-mach ceistean chun nam pàrantan.
"Ach chan e seo cuspair as urrainn comhairle nam pàrantan dèiligeadh ris. Tha còir aig seo a dhol a-mach dha na Hearadh air fad - pàrantan an là a-màireach 's a h-uile càil eile.
"Mar a tha a' tachairt leis a h-uile sgoil eile tha còir aig an rud a dhol a-mach ann an sanasan ann am pàipearan foghlaim air feadh na Rìoghachd, agus gheibh sinn an duine no am boireannach as fheàrr 'son na h-obrach," thuirt e.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil aon cheannard air a bhith os cionn barrachd na aon sgoil anns na h-Eileanan - agus anns na Hearadh fhèin - bho 2004 co-dhiù - is gu bheil seo a' tachairt ann an sgìrean eile is nach eil e ann an dòigh sam bith a' lùghdachadh chothroman ionnsachaidh is teagaisg ann an sgoiltean.
Chaidh iad às àicheadh nach do bhruidhinn iad ris a' choimhearsnachd mu na h-atharrachaidhean seo.
Thuirt a' Chomhairle cuideachd gu bheil aonta aca daoine bho thaobh a-staigh na buidhne fhastadh gu dreuchdan nuair a tha iad comasach air dleastanas na h-obrach a choileanadh.