Chaidh faisg air 200 cùis den Choròna-Bhìoras a dhearbhadh air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha an Coròna-Bhìoras air 197 duine ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd a rèir nan àireamhan as ùire a dh' fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Là na Sàbaid.
Tha 65 duine a' faighinn leigheis san ospadal airson a' ghalair san sgìre.
Ann an Roinn a' Mhonaidh tha 464 cùisean dearbhte, le 80 duine a' faighinn cùraim san ospadal.
Tha sianar air a bheil an galar le cinnt sna h-Eileanan Siar.
Ann an Alba air fad, tha còrr air 900 duine a bha a' fulang le Covid-19 air bàsachadh.
Thathar a' tomhas, ge-tà, gum faodadh gu bheil còrr agus 1,000 duine air am beatha a chall uile gu lèir air sgàth a' bhìorais, a' toirt a-steach luchd-còmhnaidh dhachaighean-cùraim agus daoine sa choimhearsnachd.