Dh'èignich balach caileagan 's iad nan deugairean
- Air fhoillseachadh

Dh'èignich balach dithis nigheanan agus thug e ionnsaigh dhrabasta air nighean eile nuair a bha e 13 bliadhna de dh'aois, tha cùirt air cluinntinn.
Dh'òrdaich am britheamh gun tèid am balach, a tha a-nis 15, a chumail an grèim airson trì bliadhna agus gum bi e fo sgrùdadh nan ùghdarrasan airson còig bliadhna às dèidh a shaoraidh
Chaidh a' chlann-nighean, a bha 15 bliadhna de dh'aois, èigneachadh aig taigh ann am baile air a' Ghàidhealtachd agus, còig mìosan às dèidh sin, chaidh ionnsaigh dhrabasta a thoirt air nighinn, 13, ann an coile faisg air làimh.
Thuirt am Britheamh Mìcheal O'Grady QC gu robh na h-ionnsaighean drabasta uabhasach.
Chaidh òrdachadh gun teid an gille, nach gabh ainmeachadh leis gu bheil e nas òige na 18, a chumail an grèim às dèidh dha nochdadh san Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann.
Bha e air a dhol às àicheadh grunn chasaidean aig cùis-lagha roimhe agus chaidh fhaighinn ciontach air trì eucoirean, a thachair ann an 2018.
Thuirt Mgr O'Grady: "Chan eil fhios dè an làrach a chaidh fhàgail air a' chloinn-nighean seo.
"Cha robh thu ach na do phàiste thu fhèin. Fiù 's an-diugh chan eil thu ach 15.
"Chan ann gun dùbhlain a tha do bheatha air a bhith agus cho fad' 's aithne dhomh chan e do choire fhèin a th' ann an cuid as motha de na duilgheadasan seo."
Ach thuirt Mgr O'Grady gum feumadh an deugaire tuigsinn gu robh na rinn e "ceàrr agus gun cheud agus gun do rinn e cron".
Cothrom ath-ionnsachaidh do chloinn
Thuirt am britheamh gu robh na h-eucoirean a' dèanamh dragh dha airson an àm ri teachd air sgàth 's na bh' ann dhiubh agus cho dona 's a bha iad.
Thuirt e gu robh beachd a' bhalaich air na rinn e agus air an fheadhainn a dh'fhulaing air a sgàth cuideachd na adhbhar iomnaidh.
Thuirt Mgr O'Grady gu robh e mothachail air na co-dhùnaidhean a rinn cùirt an ath-thagraidh ann an cùisean mar seo.
Thuirt e: "Feumaidh a' chùirt prìomhachas a thoirt do mhaith a' phàiste agus na ghabhas dèanamh airson cothrom ath-ionnsachaidh a thoirt dhaibh.
"Feumaidh mi am modh sin a leantainn agus 's e sin gu dearbha na tha mi a' dèanamh."