Naidheachdan 11:00m
Thuirt am Prionnsa Harry gu bheil e fìor dhuilich gu bheil e a' fàgail àite oifigeil anns an Teaghlach Rìoghail ach nach deach roghainn sam bith eile fhàgail aige fhèin neo a bhean, Meghan. Bha am Prionnsa a' bruidhinn an-raoir aig dìnnear do chathrannas anns a bheil e an sàs, a tha a' cuideachadh chloinne le HIV ann an Afraga a Deas.
Thuirt ath-sgrùdadh a dh'iarr an Riaghaltas gum faodadh cosgais na sgeama rèile ùr, HS2 gu ceann a tuath Shasainn, èirigh gu £106bn. Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gum faodadh gur e loidhnichean rèile àbhaisteach a bhios ann am pàirt den dàrna earrain eadar Birmingham agus Manchester is Leeds. Cha deach am pàipear fhoillseachadh fhathast agus tha an Riaghaltas a' cumail a-mach nach eil ann ach dreach tràth dheth. Thuirt Mayor Mòr-Bhaile Mhanchester, Andy Burnham, gu bheil dragh air mun seòrsa briathran a th' ann mun dàrna pàirt den phròiseict.
Chan fheum clann ann an Alba tuilleadh fianais a thoirt seachad anns a' chùirt anns na cùisean eucoir as miosa. An àite sin thèid fianais a chlàradh bhuapa ro-làimhe agus a chur mu choinneimh diuraidh aig àm na cùirte. Tha Achd nam Fianaisichean So-Leònta, a thàinig gu bith an-diugh, stèidhte air an t-siostam a th' anns na dùthchannan Lochlannach.
Tha a' chompanaidh Stagecoach, a tha stèidhte ann am Peairt, a' togail cùis-lagha anns an Àird-Chùirt an-diugh mun dòigh anns an tug an Riaghaltas seachad cùmhnantan rèile. Tha Stagecoach ag ràdh gun robh e mì-laghail stad a chur orra bho thagradh airson trì chùmhnantan an-uiridh. Chaidh Roinn na Còmhdhail às àicheadh nach do làimhsich iad am pròiseas tagraidh mar a bu chòir.
Tha Poileas Alba a' cur gu feum teicneolas ùr airson a' chiad uair a leigeas leotha fiosrachadh a chruinneachadh bho fònaichean-làimhe agus innealan eile mar tablets. Chosg na Poilis còrr is £500,000 air siostam leis am faigh iad, gun facal faire, dhan fhiosrachadh a tha air innealan mar fònaichean-làimhe. Bha mall anns an t-siostam ùr le dragh gum faodadh e a bhith mì-laghail ach tha na Poilis ag ràdh gun cuidich e gu mòr le obair rannsachaidh.
Thèid suas ri 80 dhachaigh ùr a thogail faisg air Steòrnabhagh. Dh'innis Buidheann Taigheadas Innse Gall gun cosg an sgeama faisg air Newmarket mu £10m.