Beachdan gan sireadh aig 'cèilidhean coimhearsnachd'
- Air fhoillseachadh

Bidh sreath de choinneamhan sònraichte air feadh nan Eilean Siar an ath-sheachdain airson beachdan dhaoine fhaighinn air mar as urrainnear pròiseactan dualchais a leasachadh sna h-Eileanan anns na bliadhnaichean a tha romhainn.
'S e 'cèilidhean coimhearsnachd' a thathas a' gabhail air na coinneamhan is iad air an cur air dòigh le Pròiseact an Fhìor-Àite le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar.
Chan e cèilidhean ciùil a bhios annta ach cothrom còmhraidh agus cnuasachaidh
Tha am pròiseact ag amas air ro-innealachd dualchais a leasachadh anns na h-Eileanan an Iar.
Tha Joe Mac a' Phì bhon Chomhairle ag ràdh gu bheil cothroman mòra an lùib leithid de phròiseactan
"Tha sinn air dearbhadh air na bliadhnaichean a chaidh seachad gu bheil airgead mòr an còis dualchais," thuirt e
"'S e tha na buidhnean maoineachaidh ag ràdh rinne ma tha dualchas cho prìseil ribh, dearbhadh dhuinn e, agus thigibh thugainn le iarrtas far a bheil sinn a' faicinn gu bheil a h-uile cail tha sibh airson dèanamh anns na bliadhnaichean a tha romhainn dearbhte ann an ro-innleachd.
"Tha sinn ag iarraidh gun tig daoine còmhla. Dè th' ann an cèilidh ach daoine a tighinn còmhla?
"Tha sinn airson 's gun tig iad còmhla ann an suidheachadh far an cuir iad feòil air na cnàmhan seo ach am bi ro-innleachd cheart is chothromach a tha ag èirigh às a' choimhearsnachd fhèin".
Bidh na coinneamhan sna h-àiteachan agus air na làithean a leanas:
Diluain 13mh den Fhaoilleach aig 2:00f aig Comunn Eachdraidh Nis.
Dimàirt 14mh aig Cafe Hotel Hebrides air an Tairbeart aig 6:00f.
Diciadain 15mh aig Taigh Chearsabhagh an Uibhist a Tuath aig 1:00f
Dihaoine 17mh aig Taigh-òsda Heathbank ann am Barraigh eadar 10:00m agus 1:00f.