Naidheachdan 11:00m

Dh'iarr Prìomh Mhinistear na h-Alba air Westminster cumhachd a ghluasad a Dhùn Èideann gus am bi an dàrna referendum ann air neo-eisimeileachd. Thuirt Nicola Sturgeon an-diugh gum bi i a' foillseachadh argamaid reusanta 's mionaideach airson bhòt eile. Tha Boris Johnson mar thà air referendum eile a dhiùltadh, ach thuirt Ms Sturgeon gu bheil an dà thaghadh mu dheireadh anns na robh buaidh aig an SNP a' dearbhadh gu bheil iarrtas ann air a shon. Thuirt i, mar as fhaide a dhiùltas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bhòt eile, gur ann nas motha a bhios muinntir na h-Alba ag iarraidh sin.

Bidh mìneachadh air planaichean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an Òraid na Bàn-righinn an-diugh. Tha dùil ri fiosrachadh san òraid mu na rudan dhan toir am Prìomhaire, Boris Johnson, prìomhachas às dèidh Bhrexit, agus a ghealltanas gun glèidh e an t-Aonadh.

'S e Dòmhnall Trump an treas Ceann-Suidhe riamh anns na Stàitean Aonaichte air an tèid casaidean Impeachment an dèidh bhòta ann an Taigh nan Riochdairean. Thèid Mgr Trump fheuchainn a-niste anns an t-Seanadh. Tha dà chasaid na aghaidh, 's iad sin gun do rinn e dìmeas air a chumhachd, agus gun do chuir e maill air rannsachadh sa Chòmhdhail - rud a tha esan a' dol às àicheadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba an-diugh ag iarraidh soilleireachaidh air na tha a' tachairt leis a' bhàt'-aiseig ùr airson na slighe eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba an-dè gur e an fheadhainn leis an robh Gàrradh MhicFhearghais, a tha a-nise fo smachd na Stàite, as coireach ris an dàil, le dà bhàt'-aiseig ùr do ChalMac, agus gu bheil a' chosgais air dùblachadh gu £200m. Tha e coltach gum bi trì bliadhna eile ann air a' char as tràithe mus bi am bàta airson seirbheisean Uibhist a Tuath agus na Hearadh deiseil.