Mè Mè caora dhubh
- Air fhoillseachadh

Tormod toilichte
Dh'fhalbh croitear à Beinn nam Fadhla còrr is 500 mìle gu tuathanas ann an Siorrachd Obar Dheathain a dh'iarraidh uan a reic i aig fèill air a' mhìos seo chaidh.
B' fheudar dha Melanie NicIlleathain a bhith a' frithealadh air Tormod là 's a dh'oidhche nuair a rugadh e, 's i ga bhiathadh le botal.
Chuir i seachad ùine mhòr còmhla ris agus 's e co-dhùnadh doirbh a bh' ann dhi Tormod a reic còmhla ris a' chòrr.
Sònraichte
"Chan urrainn dhomh a ràdh dè bh' ann mu dheidhinn, ach 's e uan sònraichte a bh' ann dhomhsa", thuirt Melanie NicIlleathain.
Fhuair i a-mach gun robh an t-uan aig tuathanas mòr faisg air Srath Eichin agus dh'fhalbh i ga iarraidh.
Thuirt i gun robh i an dùil gun toireadh e uairean de thìde Tormod a lorg am measg an 700 uan eile air an tuathanas, ach cha b' ann mar sin a thachair e.
"Cha robh mi ann ach mu leth mhionaid nuair a chunnaic mi uan leis an aon taga cluaise 's a bhithinn a' cleachdadh", thuirt i.
Ad phinc
"Chuir mi orm an ad phinc a bhiodh orm air a' chroit agus choisich mi a-null", thuirt i.
"Bha mi dìreach a' dol a dh'èigheachd ach chunnaic an t-uan mi agus thàinig e na ruith thugam - 'S e Tormod a bh' ann!"
Cuiridh Tormod a-nis seachad a laithean air a' chroit san Àird ann am Beinn nam Fadhla.