Ridseard Finnis ciontach
- Air fhoillseachadh

Ridseard Finnis
Dh'aidich fireannach à Inbhir Nis gun do dh'fheuch e ri boireannach a b'àbhaist a bhith na leannan a mhurt le sgithinn.
Ghabh Ridseard Finnis, 31, air Helen Gallacher, 30, sa flat aice ann an Inbhir Nis sa Ghearran am-bliadhna.
Rinn i an gnothach faighinn air falbh bhuaithe is i làn fala, agus cuideachadh fhaighinn bho nàbaidhean.
Dh'aidich Mgr Finnis gun robh e ciontach de chasaid gun do dh'fheuch e ri murt.
Crioch
Theich Finnis, a bha na chluicheadair ball-coise ann an Lìog na Gàidhealtachd, às dèidh na h-ionnsaigh is fhuairear e ann an coille faisg air Inbhir Nis às dèidh grunn làithean.
Chuala an àrd-chùirt ann an Glaschu gun robh an dithis nan cupal airson sia bliadhna mus do chuir Ms Gallacher crìoch air an dàimh eadarra ron Nollaig an-uiridh.
"Fhuair e duillich a bhith faighinn seachad air sin", thuirt an neach-casaid, Eòghann MacIlleathain.
"Bhiodh e a' sìor fònadh agus a' cur brath thuice tro nam meadhanan sòisealta mun sgaradh.
"Bha e soilleir nach robh e a' dèiligeadh leis", thuirt Mgr MacIlleathain.
Leòn
Thuirt am Britheamh, am Morair Mulholland, gur e "fior dhroch ionnsaigh a bha seo" is gun deach Helen Gallacher a fìor dhroch leòn.
Chaidh Finnis a chumail an grèim.
Thèid binn air an ath-mhìos.