Àrd-oifigear ùr NHS na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Bidh an Dtr Gregor Mac a' Ghobhainn, Iar Àrd-Oifigear Slàinte na h-Alba, ag obair mar Àrd-Oifigear Eadar-amail aig NHS na Gàidhealtachd gus an tòisich Mgr Stiùbhairt na dhreuchd aig deireadh an Fhaoillich.
Chaidh àrd-oifigear ùr fhastadh le NHS na Gàidhealtachd.
Bidh Iain Stiùbhairt a' gabhail na dreuchd às dèidh do dh'Elaine Mead a leigeil seachad aig deireadh 2018.
'S ann à Steòrnabhagh a tha Iain Stiùbhairt bho thùs agus bha e ann an grunn dhreuchdan aig àrd-ìre san NHS ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh san 30 bliadhna mu dheireadh.
Tha e an-dràsta ag obair aig NHS Mid-Nottinghamshire.
'S ann anns an Eilean Dubh a tha Mgr Stiùbhairt a' fuireach 's thuirt e gun tug seo cothrom dha eòlas pearsanta fhaighinn air an deagh chùram a tha luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd a' tabhann.
Thuirt e cuideachd gun obraicheadh e gu daingeann airson an dà chuid muinntir na sgìre agus a cho-obraichean ùra.