Fèill mhòr air ticeadan 'son cuirm na h-Iolaire
Fhuair daoine cothrom an-diugh ticeadan fhaighinn airson cuirm-chuimhneachaidh call na h-Iolaire.
Dh'fhalbh na ceudan thiceardan ann am beagan is cairtean na h-uaireach - agus tha ceist ann an d'fhuair càirdean an fheadhainn a chaill am beatha cothrom ceart àite fhaighinn aig a' chuirm air Oidhche na Bliadhna Ùire.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' gealltainn gun tèid goireasan eile a chuir air dòigh dhaibh-san nach d'fhuair ticeadan.
Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.