Airgead mòr ga ghealltainn dhan na h-Eileanan
Tha Fo-Rùnaire Stàit na h-Alba, am Morair Duncan, air gealltainn gun tig suimean airgid a nì atharrachadh bunaiteach anns na h-Eileanan mar phàirt do dh' Aonta nan Eilean no an Islands Deal.
Air a thuras a Steòrnabhagh, cha chanadh e dè cho mòr 's a bhiodh an suim a bha sin ach thuirt e gum feumadh e buannachdan mòra a thoirt dha na h-Eileanan.
Seo Aonghas Dòmhnallach.