Obair-tollaidh aig caladh Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Caladh SteòrnabhaighTùs an deilbh, Stornoway Port Authority
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh an dòchas soithichean nas motha a thoirt a-steach.

Tòisichidh deuchainnean aig caladh Steòrnabhaigh an t-seachdain seo feuch an gabh tuilleadh doimhneachd a chur ann.

Tha seo mar phàirt chudromach de phlanaichean leasachaidh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, 's iad an dòchas gun tàladh e soithichean nas motha a-steach dhan phort.

Thuirt Cathraiche an Ùghdarrais, Murchadh Moireach, gum biodh buannachd ann dhan eaconamaidh nam b' urrainn dhaibh soithichean mòra luchd-turais fhaighinn a-steach a Steòrnabhagh.

"Aig an ìre seo's e 150 meatair an fheadhainn as fhaide as urrainn dhuinne a thoirt a-steach, ach tha sinn ag iarraidh sin a chur suas gu còrr is 300 meatair agus bhiodh sin a' ciallachadh brosnachadh mòr dhan eaconamaidh".

"A bharrachd air an sin tha sinn ag iarraidh àite a dhèanamh airson gum biodh seirbheis bhathair comasach air tighinn a Steòrnabhagh, RoRo terminal, 's àitean cuideachd airson obair ola 's obair leasachadh chumhachd ath-nuadhachail."

Tha dùil gun toir an obair-tollaidh mu sheachd seachdainnean.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh