Duaisean FilmG
Bha oidhche mhòr ann an Glaschu air an deireadh-sheachdain agus Duaisean FilmG gan toirt seachad.
Thainig còrr is 400 duine bho air feadh Alba gu talla an 'Old Fruitmarket' sa bhaile, gus faighinn a-mach cò dìreach a fhuair duaisean na h-òigridh agus nan inbheach am-bliadhna.
Bha Kerr Gibb an-làthair dhuinne.